Tha mòran ann nach bi ag iarraidh idir a bhith a’ smaoineachadh air an t-sìorraidheachd; gu dearbh tha gu leòr ann agus ged a bheachdaicheas iad air a’ bhàs, cha toir iad smuain do na tha ri teachd na dheidh. Nuair a bha i na pàisd, ghabh a’ bhana-chleasaiche Drew Barrymore, a rugadh ann an 1975, aon de na prìomh phàirtean anns an fhilm E.T. Aig aois ochd air fhichead, thuirt i, “Ma thachras gum bàsaich mi ron chat agam, bu mhath leam gun biodh luath mo chuirp air a toirt dhan chat ri ithe; mar sin bhithinn beò tro bheatha mo chait.” Nach eagalach an seòrsa aineolais a tha sin.
Nuair a bha Iosa air an talamh, thàinig sluagh mòr thuige, len trioblaidean. Mar bu trice, b’iad sin trioblaidean na beatha seo....