Cionnas a Gheibh
mi gu Nèamh?
Tha mòran ann nach bi ag iarraidh idir a bhith a’ smaoineachadh air an t-sìorraidheachd; gu dearbh tha gu leòr ann agus ged a bheachdaicheas iad air a’ bhàs, cha toir iad smuain do na tha ri teachd na dheidh. Nuair a bha i na pàisd, ghabh a’ bhana-chleasaiche Drew Barrymore, a rugadh ann an 1975, aon de na prìomh phàirtean anns an fhilm E.T. Aig aois ochd air fhichead, thuirt i, “Ma thachras gum bàsaich mi ron chat agam, bu mhath leam gun biodh luath mo chuirp air a toirt dhan chat ri ithe; mar sin bhithinn beò tro bheatha mo chait.” Nach eagalach an seòrsa aineolais a tha sin.
Nuair a bha Iosa air an talamh, thàinig sluagh mòr thuige, len trioblaidean. Mar bu trice, b’iad sin trioblaidean na beatha seo.
• Thàinig deichnear lobhair ag iarraidh slànachaidh (Lucas 17.13);
• Bha na doill ag iarraidh am fradhairc (Mata 9.27);
• Bha fear ann a bha airson gun dèanadh Iosa rèite, ann an deasbad mu oighreachd (Lucas 12.13-14);
• Thàinig na Phairisich len ceistean meallta mu phàigheadh chìsean do Cheasar (Mata 22.17).
B’ann ainneamh a thàinig iad a dh’fhaighneachd mun t-slighe gu Rìoghachd Nèimhidh. Thàinig aon uachdaran àraidh agus dh’fhaighnich e, “A Mhaighistir Mhaith, ciod a nì mi a chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?” Fhreagair Iosa e, “Reic na
Tag der Veröffentlichung: 19.08.2018
Alle Rechte vorbehalten
Widmung:
Tha mòran ann nach bi ag iarraidh idir a bhith a’ smaoineachadh air an t-sìorraidheachd; gu dearbh tha gu leòr ann agus ged a bheachdaicheas iad air a’ bhàs, cha toir iad smuain do na tha ri teachd na dheidh. Nuair a bha i na pàisd, ghabh a’ bhana-chleasaiche Drew Barrymore, a rugadh ann an 1975, aon de na prìomh phàirtean anns an fhilm E.T. Aig aois ochd air fhichead, thuirt i, “Ma thachras gum bàsaich mi ron chat agam, bu mhath leam gun biodh luath mo chuirp air a toirt dhan chat ri ithe; mar sin bhithinn beò tro bheatha mo chait.” Nach eagalach an seòrsa aineolais a tha sin.
Nuair a bha Iosa air an talamh, thàinig sluagh mòr thuige, len trioblaidean. Mar bu trice, b’iad sin trioblaidean na beatha seo....